The Music Of Scotland |
---|
Cailin Mo Rùin-sa |
Cailin mo rùin-sa is leannan mo ghràidh Ainnir mo chridh-sa ´s i cuspair mo dhàin Tha m´inntinn làn sòlais bhi tilleadh gun dàil Gu cailin mo rùin-sa is leannan mo gràidh. B´òg chuir mi eòlas air leannan mo ghràidh ´S a rinn mise suas ri´sa ghleannan gu h-àrd A gnuis tha cho aoidheil, làn gean agus bàigh Is mise bhios cianail, mur faigh mi a làmh. Gur tric sinn le chéile gabhail cuairt feadh an àit´ ´S a falbh troimh na cluaintean gach bruachag is màgh Na h-eoin bheag le smudan a´ seinn dhuinn an dàn ´S toirt fàilte do´n mhaighdinn d´an d´thug mi mo ghràdh. Bha mise làn aoibhneis nuair fhuair mi cheud phòg Bho´n chaileig ghrinn uasail tha aighearach òg ´S e mo mhiann is mo dhùrachd, cho fad ´s bhios mi beò A bhi pòsd´ ris a´ ghruagaich tha suairc agus còir. |